Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 9:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin fhreagair Ananias, A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, cia lìon olc a rinn e dod naoimh ann an Ierusalem:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.

Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.

Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd-shagairt,

Ach bha na h‑uile a chuala e fo uamhas, agus thubhairt iad, Nach e seo esan a bha a’ sgrios ann an Ierusalem na muinntir a bha a’ gairm air an ainm seo, agus a thàinig an seo a‑chum na crìche seo, gun tugadh e ceangailte iad a dh’ionnsaigh uachdarain nan sagart?

Agus thàrladh, air do Pheadar imeachd tro gach àite, gun deachaidh e sìos mar an ceudna a‑chum nan naomh a bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Lida.

Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.

A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:

Cuiribh fàilte air Philologus, agus Iulia, air Nereus, agus a phiuthar, agus Olimpas, agus na naoimh uile a tha maille riu.

A‑chum gun gabh sibh rithe anns an Tighearna, mar as cubhaidh do naoimh, agus gun dèan sibh còmhnadh rithe anns gach gnothach anns am bi feum aice oirbh: oir rinn i fhèin còmhnadh ri mòran, agus riumsa mar an ceudna.

A‑chum eaglais Dhè, a tha ann an Corintus, a‑chum an dream a tha air an naomhachadh ann an Iosa Crìosd, air an gairm gu bhith nan naoimh, maille riùsan uile a tha a’ gairm air ainm ar Tighearna Iosa Crìosd anns gach àite, an Tighearna-san, agus ar Tighearna-ne:

Oir chan e Dia ùghdar na mì‑riaghailt, ach na sìthe, mar ann an eaglaisean nan naomh uile.

A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.

A‑chum ur nàire tha mi a’ labhairt. An ann mar sin nach eil aon duine glic nur measg? Nach eil fiù a h‑aon as urrainn breith a thoirt eadar a bhràithrean?

Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, a‑chum nan naomh a tha ann an Ephesus, agus nan creidmheach ann an Iosa Crìosd:

Pòl agus Timòteus, seirbhisich Iosa Crìosd, a‑chum nan naomh uile ann an Iosa Crìosd, a tha ann am Philipi, maille ris na h‑easbaigean agus ris na dèaconan:

Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.

A‑chum nan naomh agus nam bràthair dìleas ann an Crìosd, a tha ann an Colose: gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus an Tighearna Iosa Crìosd.

Cuiribh fàilte orrasan uile a tha nan cinn-iùil dhuibh, agus air na naoimh uile. Tha muinntir na h‑Eadailt a’ cur fàilte oirbh.

A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.

Agus thubhairt Samuel, Cionnas a dh’fhalbhas mi? Oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan