Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna.
Agus roinn e e fhèin nan aghaidh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad, agus lean e iad gu Hobah, a tha air an làimh chlì de Dhamascas.
Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.
Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.
Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.
Chunnaic e ann an sealladh gu soilleir, mu thimcheall na naoidheamh uaire den là, aingeal Dhè a’ teachd a‑steach da ionnsaigh, agus ag ràdh, A Chorneliuis.
Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh-sa.
Agus chaidh e a‑mach, agus lean e e; agus cha robh fhios aige gu robh e fìor, an nì a rinneadh leis an aingeal: ach shaoil e gum bu taisbeanadh a chunnaic e.
Agus nuair a chunnaic e an sealladh, air ball dh’iarr sinn dol thairis gu Macedònia, a’ dearbh-thuigsinn gun do ghairm an Tighearna sinn a‑chum an soisgeul a shearmonachadh dhaibh.
Agus chunnacas sealladh le Pòl anns an oidhche. Sheas duine àraidh o Mhacedònia, agus ghuidh e air, ag ràdh, Thig thairis gu Macedònia, agus cuidich leinn.
Agus tàrlaidh anns na làithean deireannach (arsa Dia), dòirtidh mise dem Spiorad air gach uile fheòil; agus nì ur mic agus ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean, agus bruadaraidh ur seann daoine bruadair:
Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin,
Cha mhò a chaidh mi suas do Ierusalem, a‑chum na muinntir sin a bha nan abstoil romham; ach chaidh mi do Aràbia, agus a‑rìs thàinig mi air m’ais gu Damascas.