Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin:
An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:
Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.
An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann.
Oir ro na làithean seo dh’èirich Teudas suas, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, timcheall ceithir cheud, iad fhèin ris: mharbhadh esan, agus a mheud is a dh’aontaich leis, sgaoileadh iad uile as a chèile, agus chaidh iad gu neoni.
A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.
Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;
Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mort, agus luchd-iodhal-adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.