Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

Agus air an là sàbaid a b’fhaisge, is beag nach do chruinnich am baile gu h‑iomlan a dh’èisdeachd ri facal Dhè.

An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr.

An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.

Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan