Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Agus air an là màireach, air dhuinne a bha de chuideachd Phòil imeachd, thàinig sinn gu Cesarèa; agus chaidh sinn a‑steach do thaigh Philip an soisgeulaiche (a bha den t‑seachdnar), agus dh’fhan sinn aige.

Agus gach là anns an teampall, agus o thaigh gu taigh, cha do sguir iad a bhith a’ teagasg, agus a’ searmonachadh Iosa Crìosd.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach.

Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Ach tha sinne a’ searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, na cheap-tuislidh do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich na amaideachd;

Oir chuir mi romham gun eòlas a ghabhail air nì sam bith nur measg, ach air Iosa Crìosd, agus esan air a cheusadh.

Oir bunait eile chan urrainn duine sam bith a leagadh, ach am bunait a leagadh cheana, eadhon Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan