Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.

A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean, agus a bha nan luchd-frithealaidh an fhacail:

A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin.

Dh’fhan Pòl mar an ceudna agus Barnabas ann an Antioch, a’ teagasg agus a’ searmonachadh facal an Tighearna, maille ri mòran eile mar an ceudna.

Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan.

Ach fòs air dhuinn fulang roimhe, agus an dèidh ar maslachaidh ann am Philipi, mar as aithne dhuibh, bha dànachd againn nar Dia soisgeul Dhè a labhairt ribhse ann am mòr-ghleac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan