Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe-sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan-ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach?
Agus bidh rathad mòr an sin, agus slighe; agus goirear slighe na naomhachd dheth; cha siubhail neach neòghlan troimhe; ach bidh e air an son-san; cha tèid am fear-turais no na daoine baoghalta air seachran ann.
Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?
A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:
Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche?
Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.
Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh.