Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,

Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.

Taisbeanadh Isaiah mhic Amois, a chunnaic e mu thimcheall Iùdah, agus Ierusaleim, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais, agus Heseciah, rìghrean Iùdah.

Ghabh mi do theisteis mar oighreachd gu bràth, oir is iad aoibhneas mo chridhe.

Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a’ tuigsinn, oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.

Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.

Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr-ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh,

An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan