Gnìomharan 8:27Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr-ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh, Faic an caibideil |
Anns an àm sin bheirear tabhartas gu Tighearna nan sluagh o chinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; agus o shluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos, aig a bheil am fearann air a chreachadh leis na h‑aibhnichean, gu ionad ainm Tighearna nan sluagh, gu sliabh Shioin.
Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann.
Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.