An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.
Chuir Iosa an dà‑fhear-dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich:
Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.
Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
Agus air suidheachadh là ris, thàinig mòran da ionnsaigh gu a àite-còmhnaidh; don do mhìnich e rìoghachd Dhè, a’ dèanamh fianais uimpe, agus a’ cur impidh orra a‑thaobh nan nithean a bhuineas do Iosa, araon à lagh Mhaois, agus as na fàidhean, o mhoch-thràth gu feasgar.
Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail-sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor-ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.