Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac-aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan.
Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite.
Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.
Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon-san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!
Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.
Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.
Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.
A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.