(Oir cha tàinig e fhathast a‑nuas air aon aca: ach a‑mhàin bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.)
Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;
Thubhairt e riu, An d’fhuair sibh an Spiorad Naomh o chreid sibh? Agus thubhairt iadsan ris, Cha chuala sinne uiread is gu bheil Spiorad Naomh ann.
An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Crìosd, gun do bhaisteadh a‑chum a bhàis sinn?
Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.