Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Uime sin imichibh-se, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;

Agus chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh nan easlan.

Ach thubhairt Iosa ris, Leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlac; ach imich thusa agus searmonaich rìoghachd Dhè.

Don do rinn e mar an ceudna e fhèin a nochdadh beò an dèidh a fhulangais, le mòran de chomharraidhean fìrinneach, air dha a bhith air fhaicinn leo feadh dà‑fhichead là, agus e a’ labhairt mu na nithean sin a bhuineadh do rìoghachd Dhè:

Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.

Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.

Agus nuair a chuala iad seo, bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Agus a‑nis feuch, tha fhios agam nach faic sibhse uile, am measg an d’imich mi a’ searmonachadh rìoghachd Dhè, mo ghnùis nas mò.

A’ searmonachadh rìoghachd Dhè, agus a’ teagasg nan nithean a bhuineas don Tighearna Iosa Crìosd, leis an uile dhànachd, gun toirmeasg.

Agus is mò a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhòr araon de fhir agus de mhnathan:

Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.

Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.

Gidheadh, chan eil am fear as eugmhais na mnà, no a’ bhean as eugmhais an fhir, anns an Tighearna.

Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.

Tha am baisteadh, mar shamhlachas a tha a’ co‑fhreagradh dha seo (chan e cur dhinn sal na feòla, ach freagradh deagh chogais a‑thaobh Dhè), a‑nis gar tèarnadh-ne, tre aiseirigh Iosa Crìosd:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan