Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

An sin thàinig am fagas uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareh, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h‑iomlan, on bheag gus a’ mhòr;

Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.

Uime sin am mnathan bheir mise do dhaoine eile; am fearann dhaibhsan a thèid an seilbh ann; oir tha iad uile, on neach as mò gus an neach as lugha, air an toirt suas dan ana-miannan; on fhàidh eadhon gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.

Agus chreid muinntir Ninebheh Dia, agus dh’èigh iad trasg, agus chuir iad umpa aodach-saic, on aon bu mhò dhiubh gus an aon a bu lugha.

Agus nuair a chunnaic an sluagh an nì a rinn Pòl, thog iad an guth, ag ràdh ann an cànain Licaonia, Tha na diathan air teachd a‑nuas ann an coslas dhaoine dar n‑ionnsaigh-ne.

Ach bha iadsan a’ feitheamh cuin a dh’atadh e, no a thuiteadh e sìos marbh gu h‑obann: ach nuair a dh’fheith iad ùine fhada, agus nach faca iad dochann sam bith a’ teachd air, chaochail iad an inntinn, agus thubhairt iad gur dia e.

Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè:

Oir giùlainidh sibh gu toileach le amadain, do bhrìgh gu bheil sibh fhèin glic.

A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn-luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall-fhalach a‑chum meallaidh:

Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.

Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan