Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

35 Iomraidhean Croise  

Agus chuir mi teachdairean dan ionnsaigh, ag ràdh, Tha mi a’ dèanamh obrach mòire, agus chan urrainn mi dol sìos: carson a sguireadh an obair, nuair a dh’fhàgainn-sa i agus a rachainn sìos dur n‑ionnsaigh?

A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe.

An sin bha an rìgh ro‑aoibhneach air a shon, agus dh’àithn e gun tugadh iad Daniel a‑nìos as a’ gharaidh, agus cha d’fhuaireadh gnè air bith de dhochainn air, a chionn gun do chreid e na Dhia.

Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad.

Air an adhbhar sin, feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh fàidhean, agus daoine glice, agus sgrìobhaichean; agus cuid dhiubh marbhaidh agus ceusaidh sibh, agus cuid dhiubh sgiùrsaidh sibh nur sionagogan, agus nì sibh geur-leanmhainn orra o bhaile gu baile:

Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.

Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:

A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e.

Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd-shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh.

Agus chuir iad làmh anns na h‑abstoil, agus chuir iad anns a’ phrìosan chumanta iad.

Imichibh, agus a’ seasamh dhuibh labhraibh anns an teampall, ris an t‑sluagh, uile bhriathran na beatha seo.

Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs.

Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.

Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:

Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.

Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul.

Agus nuair a chuala na h‑abstoil a bha ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria facal Dhè, chuir iad dan ionnsaigh Peadar agus Eòin:

Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon.

Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.

An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.

An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.

Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.

Ach is àill leam, a bhràithrean, fios a bhith agaibh, na nithean a thachair dhòmhsa, gur mò a dh’èirich leo an soisgeul a chur air aghaidh:

Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan