Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh-athraichean Iòseph don Eiphit: ach bha Dia maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Agus on àm sin fhèin anns an do rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus air gach nì a bha aige, bheannaich an Tighearna taigh an Eiphitich air sgàth Iòseiph: agus bha beannachadh an Tighearna air gach nì a bha aige, anns an taigh agus anns a’ mhachair.

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Thigibh am fagas dhomh, guidheam oirbh. Agus thàinig iad am fagas. Agus thubhairt esan, Is mise Iòseph ur bràthair, a reic sibhse don Eiphit.

Chuir e duine romhpa, Iòseph, a reiceadh mar thràill.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart; agus bithibh-se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh.

Oir bha fhios aige gum b’ann o fharmad a thug iad thairis e.

Tha an gràdh fad-fhulangach, agus coibhneil; cha ghabh an gràdh farmad; cha dèan an gràdh ràiteachas, chan eil e air a shèideadh suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan