Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 7:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun tugadh fuath do Lèah, dh’fhosgail e a bolg: ach bha Rachel gun chloinn.

Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob.

Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.

Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben-oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin.

Agus ghin Abrahàm Isaac. Mic Isaaic: Esau agus Israel.

Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

Thug Maois dhuibh an timcheall-ghearradh (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus timcheall-ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid.

Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.

Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall-ghearradh, no anns an neo-thimcheall-ghearradh? Chan ann anns an timcheall-ghearradh, ach anns an neo-thimcheall-ghearradh.

A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris.

Agus tha mi ag ràdh seo, nach fhaodar gun cuir an lagh, a thugadh an ceann ceithir cheud agus deich-bliadhna-fichead na dhèidh, an coicheangal an neo-bhrìgh, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann an Crìosd, ionnas gun cuireadh e an gealladh air cùl.

A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh-athair Abrahàm an deicheamh den chreich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan