An sin ghlaodh iadsan le guth mòr, agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad air a dh’aon inntinn,
Tha an nimh mar nimh nathrach; tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas;
An tì a dhruideas a chluas ri glaodh an duine bhochd, glaodhaidh e fhèin mar an ceudna, ach chan èisdear ris.
Ach dhiùlt iadsan èisdeachd, agus tharraing iad a’ ghuala on chuing, agus dhruid iad an cluasan, a‑chum nach cluinneadh iad.
Ghlacadh an duine seo leis na h‑Iùdhaich, agus nuair a bha iad air tì a mharbhadh, thàinig mise orra le saighdearan, agus theasairg mi e, a’ tuigsinn gum bu Ròmanach e.
Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.
Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè.
Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile, chlach iad e: agus thilg na fianaisean an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul.