Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.
Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart:
An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:
An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.
Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.
Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.