Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 6:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Stèphen, làn de chreideamh agus de chumhachd, mìorbhailean agus comharraidhean mòra am measg an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iosa ris, Mura faic sibh comharraidhean agus mìorbhailean, cha chreid sibh.

Agus cha b’urrainn iad cur an aghaidh a’ ghliocais agus an spioraid leis an do labhair e.

Agus air dhaibhsan uile a bha nan suidhe anns a’ chomhairle amharc gu geur air, chunnaic iad a aghaidh mar aghaidh aingil.

Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;

Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e.

Agus thug e dream àraidh gu bhith nan abstoil; dream eile, gu bhith nam fàidhean; agus dream eile, gu bhith nan soisgeulaichean; agus dream eile, gu bhith nan aodhairean, agus nan luchd-teagaisg;

Oir an dream a ghnàthaich dreuchd dèacoin gu math, tha iad a’ cosnadh deagh cheum dhaibh fhèin, agus dànachd mhòr anns a’ chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan