Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 6:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

Oir bidh a Dhia ag ionnsachadh eòlais dha, agus ga theagasg.

Agus na spiorad breitheanais dhàsan a shuidheas ann am breitheanas; agus na neart dhaibhsan a thilleas air ais an cath a‑chum a’ gheata.

Ach na goirear Rabbi dhibhse: oir is aon àrd-mhaighistir a tha agaibh, Crìosd; agus is bràithrean sibh fhèin uile.

Uime sin chaidh an ràdh seo a‑mach am measg nam bràithrean, nach faigheadh an deisciobal sin bàs: gidheadh cha dubhairt Iosa ris nach faigheadh e bàs: ach, Mas i mo thoil-sa e a dh’fhantainn gus an tig mi, ciod e sin dhutsa?

Agus anns na làithean sin dh’èirich Peadar ann am meadhon nan deisciobal, agus thubhairt e (b’e àireamh nan ainm a bha an làthair, mu thimcheall ceud agus fichead).

Air an adhbhar sin is còir aon de na daoine sin a bha maille rinne, rè na h‑aimsir sin uile anns an deachaidh an Tighearna Iosa a‑steach agus a‑mach nar measg,

Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat.

Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia:

A bha fo dheagh ainm aig na bràithrean a bha ann an Listra agus ann an Iconium.

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin,

Air dhuinn bràithrean fhaotainn an sin, chuireadh impidh oirnn leo fantainn seachd làithean maille riu: agus mar sin thriall sin a‑chum na Ròimhe.

An sin ghairm an dà‑fhear-dheug mòr-chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird.

Agus bha a’ chainnt seo taitneach an làthair na mòr-chuideachd uile: agus thagh iad Stèphen, duine làn de chreideamh, agus den Spiorad Naomh, agus Philip, agus Prochoras, agus Nicanor, agus Timon, agus Parmenas, agus Nicolas, proseliteach de mhuinntir Antioch;

Chuir iad iadsan an làthair nan abstol: agus air dèanamh ùrnaigh dhaibh, chuir iad an làmhan orra.

Ach nuair a thuig na bràithrean seo, thug iad sìos e gu Cesarèa, agus chuir iad air falbh gu Tarsas e.

Oir do aon duine tha facal a’ ghliocais air a thoirt leis an Spiorad: agus do dhuine eile facal an eòlais leis an Spiorad cheudna;

Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem.

Agus na bithibh air mhisg le fìon, anns a bheil anabarr; ach bithibh air ur lìonadh den Spiorad:

Gabhaibh-se dhuibh fhèin daoine glice agus tuigseach, agus aithnichte nur treubhan, agus nì mise iad nan ceannardan oirbh.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.

Tha deagh theisteas air Demetrius o na h‑uile, agus on fhìrinn fhèin: agus tha sinne mar an ceudna a’ dèanamh fianais; agus tha fhios agaibh gu bheil ar fianais-ne fìor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan