An sin ghairm an dà‑fhear-dheug mòr-chuideachd nan deisciobal dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Chan eil e iomchaidh sinne a dh’fhàgail facal Dhè, agus a fhrithealadh do bhùird.
Agus chuir mi teachdairean dan ionnsaigh, ag ràdh, Tha mi a’ dèanamh obrach mòire, agus chan urrainn mi dol sìos: carson a sguireadh an obair, nuair a dh’fhàgainn-sa i agus a rachainn sìos dur n‑ionnsaigh?
Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil.
Uime sin, a bhràithrean, iarraibh a‑mach nur measg seachdnar dhaoine fo dheagh iomradh, làn den Spiorad Naomh agus de ghliocas, a chuireas sinne os cionn an dreuchd seo.
Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear.