Gnìomharan 6:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil. Faic an caibideil |
Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.
Nuair a chuireas tu crìoch air deicheamh a thoirt seachad, eadhon uile dheicheamh do chinneis air an treas bliadhna, bliadhna an deichimh, agus a bheir thu e don Lèbhitheach, don choigreach, don dìlleachdan, agus don bhantraich, a‑chum gun ith iad an taobh a‑staigh ded gheatachan agus gun sàsaichear iad;