Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

Ach bha Elisa na shuidhe na thaigh, agus na seanairean nan suidhe maille ris: agus chuir an rìgh duine uaithe as a làthaireachd fhèin: ach mun tàinig an teachdaire da ionnsaigh thubhairt e ris na seanairean, Am faic sibhse mar a chuir mac seo a’ mhortair duine a thoirt mo chinn dhìomsa? Thugaibh an aire nuair a thig an teachdaire, druidibh an doras, agus cumaibh gu daingeann e aig an doras: nach eil fuaim casan a thighearna na dhèidh?

Ma chunnaic thu gadaiche, dh’aontaich thu leis, agus maille ri luchd adhaltranais bha do chuibhreann.

Gidheadh bhuair agus bhrosnaich iad an Dia as àirde, agus cha do ghlèidh iad a theisteas.

Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna?

Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, airson connsachadh chloinn Israeil, agus do bhrìgh gun do bhrosnaich iad an Tighearna, ag ràdh, A bheil an Tighearna nar measg, no nach eil?

Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.

Is gràinealachd don Tighearna gach neach a tha uaibhreach na chridhe: ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi e gun pheanas.

A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;

Thubhairt Iosa ris a‑rìs, Tha e sgrìobhte, Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.

Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.

Carson uime sin a‑nis a tha sibh a’ brosnachadh Dhè, le cuing a chur air muineal nan deisciobal, nach robh aon chuid ar n‑athraichean no sinne comasach air a ghiùlan?

Agus air èirigh do na h‑òganaich, phaisg iad ann an aodach-mairbh e, agus air dhaibh a ghiùlan a‑mach, dh’adhlaic iad e.

Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

Agus na dearbhamaid Crìosd, mar a dhearbh cuid dhiubhsan, agus a sgriosadh iad le nathraichean nimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan