Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air èirigh do na h‑òganaich, phaisg iad ann an aodach-mairbh e, agus air dhaibh a ghiùlan a‑mach, dh’adhlaic iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

An sin ghabh iad corp Iosa, agus cheangail iad e ann an lìon-aodaichean, maille ris an spìosraidh, mar as gnàth leis na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh.

Agus thàrladh mu thimcheall trì uairean na dhèidh sin, gun tàinig a bhean a‑steach, gun fhios aice air an nì a rinneadh.

Chan fhan a chorp rè na h‑oidhche air a’ chraoibh, ach air gach aon chor adhlaicidh tu e air an là sin fhèin; (oir mallaichte le Dia tha esan a chrochadh;) agus cha salaich thu d’fhearann, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan