Gnìomharan 5:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos, agus chaidh an deò as: agus thàinig eagal mòr air na h‑uile a chuala na nithean seo. Faic an caibideil |
Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.