Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gach là anns an teampall, agus o thaigh gu taigh, cha do sguir iad a bhith a’ teagasg, agus a’ searmonachadh Iosa Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram.

Agus bha e anns an là a’ teagasg anns an teampall, agus anns an oidhche chaidh e a‑mach, agus dh’fhan e air an t‑sliabh, den goirear Sliabh nan Crann-ola.

Nuair a bha mi gach là maille ribh anns an teampall, cha do shìn sibh a‑mach ur làmhan am aghaidh: ach is seo ur n‑uair-se, agus cumhachd an dorchadais.

Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.

Agus tha sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h‑athraichean.

An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith-bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.

Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.

Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,

Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh,

Oir chan eil e an comas dhuinne gun na nithean a chunnaic agus a chuala sinn a labhairt.

Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd,

An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha.

An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.

Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.

Oir chuir mi romham gun eòlas a ghabhail air nì sam bith nur measg, ach air Iosa Crìosd, agus esan air a cheusadh.

A Mhac fhèin fhoillseachadh annam, a‑chum gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach; air ball cha do chuir mi comhairle ri feòil agus fuil:

Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal.

Searmonaich am facal, bi dùrachdach ann an àm agus ann an an‑àm; spreig, cronaich, earalaich leis an uile fhad-fhulangas agus theagasg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan