Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Os bàrr, a chionn gun do shocraich mi m’aigne air taigh mo Dhè, tha agam dem sheilbh àraidh fhèin, de òr agus de airgead a thug mi seachad do thaigh mo Dhè, a bhàrr air na dh’ullaich mi uile fa chomhair an taighe naoimh,

An t‑òr fa chomhair nithean de òr, agus an t‑airgead fa chomhair nithean de airgead, agus fa chomhair gach uile ghnè obrach a nìthear le làmhan luchd-ceàirde. Agus cò a tha toileach air a sheirbhis a choisrigeadh an‑diugh don Tighearna?

Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.

Ginidh iad donas, agus beiridh iad droch-bheart, agus ullaichidh an com cealg.

Oir feuch, chan eil facal air mo theangaidh, a Thighearna, nach aithne dhut gu lèir.

Feuch, tha e ri saothair le euceart; ghin e olc, agus rug e breug.

Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

Thug clann Israeil tabhartas toileach a dh’ionnsaigh an Tighearna, gach fear agus bean a rinn an cridhe toileach a thoirt a‑chum gach gnè obrach, a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh le làimh Mhaois.

Is fheàrr gun thu a bhòideachadh, na gum bòidicheadh tu, agus nach dìoladh tu.

Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.

Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh?

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.

Ach cha mhol biadh sinn do Dhia: oir ma dh’itheas sinn, chan fheàirrd sinn e; cha mhò mura ith sinn, is misde sinn e.

Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin.

Ach as eugmhais d’inntinn-sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith-sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin.

An sin air a bhith don ana-miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan