Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ro na làithean seo dh’èirich Teudas suas, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, timcheall ceithir cheud, iad fhèin ris: mharbhadh esan, agus a mheud is a dh’aontaich leis, sgaoileadh iad uile as a chèile, agus chaidh iad gu neoni.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Uime sin ma their iad ribh, Feuch, tha e anns an fhàsach, na rachaibh a‑mach: feuch, tha e anns na seòmraichean uaigneach, na creidibh sin.

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.

Nach tusa an t‑Eiphiteach sin a thog ceannairc ro na làithean seo, agus a thug leat don fhàsach ceithir mìle fear a bha nan luchd-mortaidh?

Agus thubhairt e riu, Fheara Israeil, thugaibh an aire dhuibh fhèin, ciod a tha romhaibh a dhèanamh mu thimcheall nan daoine sin.

Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin:

Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa:

Oir ma shaoileas duine gur nì‑eigin e fhèin, gun a bhith ann ach neoni, tha e ga mhealladh fhèin.

Oir nuair a labhras iad briathran atmhor dìomhanais, meallaidh iad tre ana-miannan na feòla, tre mhacnas, iadsan a chaidh gu glan as uapasan a tha a’ caitheamh am beatha ann an seachran;

Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.

Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.

Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.

Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN-DIAMHAIR, BABILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan