Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug iad leo iad, chuir iad ann am fianais na comhairle iad: agus dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dhiubh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.

Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.

Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?

Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad gu moch a‑steach don teampall, agus theagaisg iad. Ach thàinig an t‑àrd-shagart agus iadsan a bha maille ris, agus ghairm iad a’ chomhairle, agus seanadh chloinn Israeil uile, an ceann a chèile, agus chuir iad don phrìosan a‑chum gun tugte iadsan dan ionnsaigh.

An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;

Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan