An sin thàinig neach àraidh agus dh’innis e dhaibh, ag ràdh, Feuch, tha na daoine a chuir sibh anns a’ phrìosan nan seasamh anns an teampall, agus a’ teagasg a’ phobaill.
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal;
An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh.
A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.
An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).