Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad gu moch a‑steach don teampall, agus theagaisg iad. Ach thàinig an t‑àrd-shagart agus iadsan a bha maille ris, agus ghairm iad a’ chomhairle, agus seanadh chloinn Israeil uile, an ceann a chèile, agus chuir iad don phrìosan a‑chum gun tugte iadsan dan ionnsaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun ceangladh e a àrd-cheannardan a rèir a thoile, agus gun dèanadh e a sheanairean glic.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.

Fhreagair Pilat, An Iùdhach mise? Thug do chinneach fhèin, agus na h‑àrd-shagartan, thairis dhòmhsa thu: ciod a rinn thu?

Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad.

Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.

Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.

An sin dh’èirich an t‑àrd-shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd-bharail nan Sadusach), agus lìonadh iad le eud.

Agus nuair a thug iad leo iad, chuir iad ann am fianais na comhairle iad: agus dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dhiubh,

An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;

Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas-urram fhulang airson a ainme-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan