Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Imichibh, agus a’ seasamh dhuibh labhraibh anns an teampall, ris an t‑sluagh, uile bhriathran na beatha seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.

Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall-truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh-sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal;

An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an taigh an Tighearna, ann an seòmar Ghemiriah mhic Shaphain an sgrìobhaiche, anns a’ chùirt uachdaraich, aig dol a‑steach geata nuadh taigh an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile.

Seas ann an geata taigh an Tighearna, agus glaodh anns an àite sin am facal seo, agus abair, Cluinnibh facal an Tighearna, uile Iùdah, sibhse a tha ag imeachd a‑steach air na dorsan seo gu adhradh a thoirt do Iehòbhah.

Mar sin thusa, a mhic an duine, chuir mi thu mar fhear-faire a‑chum taigh Israeil: uime sin èisdidh tu am facal om bheul-sa, agus bheir thu dhaibh rabhadh uamsa.

An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean.

Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut?

Agus tha fhios agam gur beatha mhaireannach a àithne-san: air an adhbhar sin na nithean a tha mi a’ labhairt, mar a thubhairt an t‑Athair rium, mar sin tha mi a’ labhairt.

Agus is i seo a’ bheatha mhaireannach, eòlas a bhith aca ortsa, an t‑aon Dia fìor, agus air Iosa Crìosd a chuir thu uat.

Oir thug mi dhaibh na briathran a thug thusa dhomh; agus ghabh iad iad, agus thuig iad gu fìrinneach gur ann uatsa a thàinig mi, agus chreid iad gun do chuir thu uat mi.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.

An sin fhreagair Sìmon Peadar e, A Thighearna, cò a dh’ionnsaigh an tèid sinn? Agadsa tha briathran na beatha maireannaich.

Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile.

Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan