Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cheil e cuid den luach, le fios a mhnà, agus air dha cuid àraidh a thoirt leis, chuir e aig casan nan abstol e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach.

Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;

Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.

Agus bha iadsan uile a chreid ann an aon àite, agus bha na h‑uile nithean aca coitcheann;

Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e.

Ach reic fear àraidh dom b’ainm Ananias, maille ra mhnaoi Saphira, sealbh fearainn.

Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?

Agus fhreagair Peadar i, Innis dhòmhsa an ann air an uiread seo a reic sibh am fearann? Agus thubhairt ise, Is ann, airson an uiread sin.

Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan