Agus rinneadh mòran chomharraidhean agus mhìorbhailean am measg a’ phobaill le làmhan nan abstol; (agus bha iad uile a dh’aon inntinn ann an sgàth-thaigh Sholaimh:
Carson a rinn thu fàistneachd ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Bidh an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus cuirear a’ chathair seo fàs gun aon ga h‑àiteachadh? Agus chruinnicheadh an sluagh air fad an aghaidh Ieremiah ann an taigh an Tighearna.
Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.
Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.
Uime sin dh’fhan iad aimsir fhada a’ labhairt gu dàn mu thimcheall an Tighearna, a rinn fianais do fhacal a ghràis, agus a thug fa‑near comharraidhean agus mìorbhailean a bhith air an dèanamh len làmhan-san.
Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.
Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,
Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth-thaigh ris an abrar sgàth-thaigh Sholaimh, làn iongantais.
Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe.
Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.
Gu deimhinn dh’obraicheadh comharraidhean abstoil nur measg-se anns gach uile fhoighidinn, ann an comharraidhean agus ann an iongantais, agus ann an cumhachdan.
Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?