Ma tha duine air an t‑sàbaid a’ gabhail timcheall-ghearraidh, a‑chum nach bi lagh Mhaois air a briseadh, a bheil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do rinn mi duine gu h‑iomlan slàn air an t‑sàbaid?
Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh-sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh.
Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.