Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.

Agus nuair a ghairm Pilat an ceann a chèile na h‑àrd-shagartan, agus na h‑uachdarain, agus an sluagh,

An sin air a bhith do Shaul (den goirear Pòl) làn den Spiorad Naomh, agus ag amharc gu geur air,

Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

Agus thàrladh air an là màireach, gun do chruinnicheadh an ceann a chèile an uachdarain, agus an seanairean, agus an sgrìobhaichean ann an Ierusalem,

Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?

Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan