Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut?

Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh?

An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne, do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin?

Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich bean da ionnsaigh a ghlacadh ann an adhaltranas; agus air dhaibh a cur anns a’ mheadhon,

Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.

Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.

Agus Annas an t‑àrd-shagart, agus Caiaphas, agus Eòin, agus Alecsander, agus a mheud is a bha de chinneach an àrd-shagairt.

An sin air do Pheadar a bhith air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, thubhairt e riu, Uachdarana a’ phobaill, agus a sheanairean Israeil,

Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan