Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe.
Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.
Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,
Agus nuair a bha an là air teachd, chruinnich seanadh an t‑sluaigh, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean an ceann a chèile, agus thug iad esan a‑chum an comhairle.
An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;
Agus dhùisg iad suas an sluagh, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean, agus thàinig iad air, agus ghlac iad e, agus thug iad an làthair na comhairle e.