Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh chreid mòran dhiubh-san a chuala am facal: agus b’e àireamh nan daoine timcheall còig mìle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

Gu cinnteach, their neach, anns an Tighearna tha agam fìreantachd agus neart; da ionnsaigh-san thig iad; bidh iadsan uile air an nàrachadh air a bheil corraich na aghaidh.

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

A’ moladh Dhè, agus deagh-ghean aca on t‑sluagh uile. Agus chuir an Tighearna gach là ris an eaglais an dream a thèarnar.

Agus chreid cuid na nithean a labhradh, agus cha do chreid cuid eile dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan