Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha mhò a bha aon neach uireasbhaidheach nam measg: oir a mheud is a bha nan sealbhadairean fearainn, no thaighean, air dhaibh an reic, thug iad luach nan nithean a chaidh a reic leo;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Thubhairt Iosa ris, Mas àill leat a bhith coileanta, imich, reic na bheil agad, agus tabhair do na bochdan, agus gheibh thu ionmhas air nèamh; agus thig, agus lean mise.

Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise.

Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean-còmhnaidh sìorraidh.

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Agus reic iad an seilbh agus am maoin, agus roinn iad air na h‑uile iad, a rèir mar a bha feum gach neach.

Reic e e, agus thug e an t‑airgead leis, agus chuir e aig casan nan abstol e.

Ach a‑thaobh co‑cheartais, a‑chum anns an àm seo a‑nis gum bi ur pailteas-se na choileasachadh air an uireasbhaidh-san, agus mar an ceudna a‑chum gum bi am pailteas-san na choileasachadh air ur n‑uireasbhaidh-se, air chor is gum bi co‑cheartas eadaraibh;

Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.

A‑chum gun gluais sibh gu cubhaidh a‑thaobh na muinntir sin a tha an leth a‑muigh, agus nach bi uireasbhaidh nì sam bith oirbh.

A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich.

Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan