Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd-shagartan, agus na seanairean, riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Is fear-comainn mi dhaibhsan uile air am bi d’eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas do reachdan.

A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.

Na nithean seo is cuimhne leam, agus tha mi a’ dòrtadh a‑mach m’anama leam fhèin, oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr-chuideachd, chaidh mi leo gu taigh Dhè, le fuaim gàirdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha a’ cumail là fèille.

An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.

An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar-cuimhne air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.

Agus air dol a‑mach as a’ phrìosan dhaibh, chaidh iad a‑steach do thaigh Lidia: agus nuair a chunnaic iad na bràithrean, thug iad comhfhurtachd dhaibh, agus dh’imich iad romhpa.

Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.

Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan