Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air dhaibh a bhith fo dhoilgheas gu robh iad a’ teagasg an t‑sluaigh, agus a’ searmonachadh tre Iosa aiseirigh nam marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach agus Tobiah, an seirbhiseach an t‑Amonach, e, chuir e doilgheas mòr orra gun tàinig duine a dh’iarraidh leas chloinn Israeil.

Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim.

An sin thug feallsanaich àraidh de na h‑Epicuraich, agus de na Stoicich, aghaidh air; agus thubhairt cuid, Ciod a b’àill leis an fhear bhith-bhriathrach seo a ràdh? Thubhairt cuid eile, Is cosmhail gu bheil e a’ searmonachadh dhiathan coimheach; do bhrìgh gun do shearmonaich e dhaibh Iosa, agus an aiseirigh.

Agus dh’èirich mun àm sin iomairt nach bu bheag mu thimcheall na slighe sin.

Mura ann a‑mhàin airson an aon fhacail seo, a ghlaodh mi am sheasamh nam measg, gur ann airson aiseirigh nam marbh a tha mi air mo thoirt gu breitheanas leibhse an‑diugh.

Gu robh Crìosd gu fulang, agus gu robh e gu èirigh, an ciad neach o na mairbh, agus gum foillsicheadh e solas don phoball, agus do na Cinnich.

Carson a mheasar leibhse mar nì do‑chreidsinn gun dùisgeadh Dia na mairbh?

Agus mharbh sibh Prionnsa na beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.

An sin dh’èirich an t‑àrd-shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd-bharail nan Sadusach), agus lìonadh iad le eud.

Ach ma tha Spiorad an tì a thog Iosa o na mairbh a’ gabhail còmhnaidh annaibh, an tì a thog Crìosd o na mairbh, beothaichidh e mar an ceudna ur cuirp bhàsmhor-se, tre a Spiorad-san a tha a chòmhnaidh annaibh.

Ach gach uile dhuine na òrdagh fhèin: Crìosd an ciad-thoradh, na dhèidh sin iadsan as le Crìosd aig a theachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan