Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 4:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑chum nach sgaoilear e nas mò air feadh an t‑sluaigh, bagramaid orra gu geur, gun iad a labhairt nas mò ri neach air bith anns an ainm seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, thubhairt na h‑uachdarain ris an rìgh, Biodh an duine seo, guidheamaid ort, air a chur gu bàs: oir mar seo tha e a’ lagachadh làmhan an luchd-cogaidh a tha fhathast an làthair anns a’ bhaile seo, agus làmhan an t‑sluaigh uile, le bhith a’ labhairt an leithid seo de bhriathran riu: oir chan eil an duine seo ag iarraidh leas an t‑sluaigh seo, ach an aimhleas.

Ach thug sibh do na Nàsaraich fìon ra òl; agus dh’àithn sibh do na fàidhean, ag ràdh, Na dèanaibh fàistneachd.

Òrdaich, uime sin, an uaigh a bhith air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, air eagal gun tig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun goid iad leo e, agus gun abair iad ris an t‑sluagh, Dh’èirich e o na mairbh: agus mar sin bidh am mearachd dheireannach nas miosa na an ciad mhearachd.

Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus bhagair Iosa gu geur iad, ag ràdh, Faicibh nach faigh neach air bith fios air seo.

Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme-sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi.

Agus air dhaibhsan tuilleadh bagraidh a dhèanamh orra, leig iad as iad, gun dòigh air bith fhaotainn air am faodadh iad peanas a dhèanamh orra, airson an t‑sluaigh: oir bha na h‑uile a’ toirt glòire do Dhia airson an nì a rinneadh.

A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.

Ag ràdh, Nach tug sinne geur-òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne.

Agus a mhaighistirean, dèanaibh-se na nithean ceudna dhaibhsan, a’ leigeadh dhibh bagraidh: air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil ur maighistir fhèin air nèamh mar an ceudna, agus nach eil gnùis-bhreith maille ris.

Oir uaibhse chaidh fuaim facal an Tighearna a‑mach, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus ann an Achaia, ach mar an ceudna anns gach àite; tha ur creideamh ann an Dia air a sgaoileadh a‑mach, ionnas nach eil feum air sinne a labhairt nì air bith.

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan