Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris na daoine seo? Oir gun deachaidh mìorbhail aithnichte a dhèanamh leo, tha e follaiseach do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile, agus chan urrainn sinn a àicheadh.
Agus am feadh a bha mi a’ beachdachadh, feuch, thàinig boc-goibhre on àird an iar, air aghaidh na talmhainn uile, agus cha do bhean e don làr: agus bha adharc shònraichte aig a’ bhoc eadar a shùilean.
Air an adhbhar sin dh’fhàs am boc-goibhre ro‑mhòr: agus nuair a bha e làidir, chaidh an adharc mhòr a bhriseadh; agus na h‑àite thàinig a‑nìos ceithir adhaircean sònraichte, ri ceithir gaothan nèimh.
Thubhairt iad ris, A chionn nach do thuarasdalaich duine air bith sinn. Thubhairt esan riu, Imichibh-se mar an ceudna don ghàrradh-fhìona, agus ge bè nì a tha ceart, gheibh sibh e.