Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus leum e suas, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin leumaidh am bacach mar fhiadh, agus seinnidh teanga a’ bhalbhain; oir anns an fhàsach brisidh uisgeachan a‑mach, agus sruthan anns an dìthreabh.

Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo.

Dèanaibh-se gàirdeachas anns an là sin, agus leumaibh le aoibhneas: oir feuch, is mòr ur duais air nèamh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean air na fàidhean.

Na dhèidh seo fhuair Iosa e anns an teampall, agus thubhairt e ris, Feuch, rinneadh slàn thu: na peacaich nas mò, air eagal gun tachair nas miosa dhut.

Thubhairt e le guth àrd, Seas suas gu dìreach air do chasan. Agus leum esan agus dh’imich e.

Agus leum an duine anns an robh an droch spiorad orra, agus air dha làmh-an‑uachdair fhaotainn orra, thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach as an taigh sin lomnochd agus reubte.

Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan