Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.

Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.

Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e.

Agus chuir e a làmhan oirre; agus air ball rinneadh dìreach i, agus thug i glòir do Dhia.

An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich.

Agus leum e suas, agus sheas e, agus dh’imich e, agus chaidh e a‑steach maille riu don teampall, ag imeachd, agus a’ leumnaich, agus a’ toirt cliù do Dhia.

Ag ràdh, Ciod a nì sinn ris na daoine seo? Oir gun deachaidh mìorbhail aithnichte a dhèanamh leo, tha e follaiseach do luchd-àiteachaidh Ierusaleim uile, agus chan urrainn sinn a àicheadh.

Ma tha sinne an‑diugh air ar ceasnachadh mun deagh ghnìomh a rinneadh don duine easlan, cionnas a shlànaicheadh e;

Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan