Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Peadar, Airgead no òr chan eil agam; ach an nì a tha agam, seo bheir mi dhut. Ann an ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, èirich agus imich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Na solairibh òr, no airgead, no umha nur sporanan;

Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?

Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.

Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;

Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann-cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH.

Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.

Agus rinn i seo rè mòran làithean. Ach air do Phòl a bhith duilich, thionndaidh e agus thubhairt e ris an spiorad, Tha mi a’ toirt òrdaigh dhut ann an ainm Iosa Crìosd dol a‑mach aisde. Agus chaidh e a‑mach air an uair sin fhèin.

Fheara Israeil, èisdibh ris na briathran seo: Iosa o Nàsaret, duine a dhearbhadh le Dia nur measg-se, le cumhachdan agus le mìorbhailean agus le comharraidhean, a rinn Dia leis-san nur meadhon-se, mar tha fhios agaibh fhèin:

Uime sin biodh fios gu cinnteach aig taigh Israeil uile, gun do rinn Dia na Thighearna, agus na Chrìosd, an t‑Iosa seo fhèin, a cheus sibhse.

Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.

Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa.

Agus air dha breith air a làimh dheis, thog e suas e; agus air ball neartaicheadh a aobrain agus a throighean.

Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.

Agus air dhaibh iadsan a chur anns a’ mheadhon, dh’fheòraich iad, Ciod e an cumhachd, no ciod e an t‑ainm, anns an do rinn sibh seo?

Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e.

Gus an uair seo fhèin, tha sinn araon acrach, agus ìotmhor, agus lomnochd, agus air ar bualadh le dùirn, agus gun aon àite-còmhnaidh seasmhach againn:

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan