Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air do Pheadar sealltainn gu geur air, maille ri Eòin, thubhairt e, Amhairc oirnne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur-amharc air.

Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè?

Nuair a chunnaic Iosa esan na laighe, agus fhios aige gu robh e a‑nis ùine fhada mar sin, thubhairt e ris, Am miann leat a bhith air do dhèanamh slàn?

Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè.

Agus air dhomh beachdachadh gu geur oirre, thug mi fa‑near, agus chunnaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus na fiadh-bheathaichean, agus na biasdan-snàigeach, agus eunlaith an adhair.

Agus chaidh Peadar agus Eòin le chèile suas don teampall, aig uair na h‑ùrnaigh, eadhon an naoidheamh uair.

Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth-thaigh ris an abrar sgàth-thaigh Sholaimh, làn iongantais.

Agus nuair a chunnaic Peadar seo, fhreagair e an sluagh, Fheara Israeil, carson a tha sibh a’ geur-amharc oirnne, mar gum b’ann le ar cumhachd no ar naomhachd fhèin a thug sinn air an duine seo imeachd?

Neach nuair a chunnaic e Peadar agus Eòin air tì dol a‑steach don teampall, a dh’iarr dèirc.

Agus thug esan aire dhaibh ann an dòchas gum faigheadh e nì‑eigin uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan