Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 3:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir gu fìrinneach thubhairt Maois ris na h‑athraichean, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh, de ur bràithrean, mar mise; ris-san èisdidh sibh anns na h‑uile nithean a labhras e ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an sluagh, Is e seo Iosa, am fàidh o Nàsaret Ghalile.

Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.

Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile:

Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd.

Thàinig mi am sholas a‑chum an t‑saoghail, a‑chum ge bè a chreideas annam, nach fanadh e ann an dorchadas.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Is e seo am Maois ud a thubhairt ri cloinn Israeil, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh de ur bràithrean, cosmhail riumsa; ris-san èisdidh sibh.

Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil:

Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,

Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan